Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Cliar > Gun Tàmh > Am Buachaille Bàn

   
Gun Tàmh Am Buachaille Bàn
   
Credits: Traditional; arranged by Cliar
   
Appears On: Gun Tàmh; Gaelic Scotland 2 (compilation)
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   
Other Versions: "Am Buachaille Ban" on Back Of The Moon's album Back Of The Moon
"Am Buachaille Ban" on Capercaillie's album Crosswinds
"Ochòin A Righ Gura Tinn Mo Galar An Gràdh" on Fiona Mackenzie's album Seinn! O Ho Ro Seinn!
"Air Fail A Lail O" on Mouth Music's album Mouth Music
"Ochoin A Righ, Gur Tinn An Galair An Gradh" on Margaret Stewart & Allan MacDonald's album Fhuair Mi Pog
   

Lyrics: English Translation:
   
Ochòin a rìgh Ochone oh God
Gura tinn an galair an gradh How sore is the sickness of love
Chan eil neach air am bi There is no one who suffers
Nach saoil gura bliadhna gach lath' That does not think a day lasts a year
Gun bhrist e mo chridh' It has broken my heart
'S gun sgaoil e cuislean mo shlàint' And ruined my health
Bhith cumha na dhèidh Lamenting him, after leaving
On thrèig mi fear an fhuilt bhàin The fair young man
   
Sèist: Chorus (after each verse):
Air fàlarainn ò, hug ò air fàlarainn ì Air fàlarainn ò, hug ò air fàlarainn ì
Air fàlarainn ò, hug ò air fàlarainn ì Air fàlarainn ò, hug ò air fàlarainn ì
Fail-ì, fail-ò, thug ò air fàlarainn ì Fail-ì, fail-ò, thug ò air fàlarainn ì
Ochòin, a ghaoil, gum b' aotrom aighearach sinn Ochone, my love, we were happy and carefree
   
Nuair thèid thu thar sail, a ghràidh When you sail abroad, my love
Biodh glainne nad dhòrn Have a glass to hand
'S bi 'g òl mo dheoch-slàint 's gach àit' And drink my good health in each place
An suidh thu aig bòrd Where you are at table
Do chridhe geal, èibhinn Your heart is fair, happy
Eutrom, aighearach, òg Lightsome, cheery and young
'S bu bhinne do bheul And your mouth is sweeter
Na'n teud on tigeadh an ceòl Than musical strings
   
Nach robh mi 's mo ghràdh Oh that I and my love
Air àirigh monaidh na'n sliabh Were on a high shieling or on the slopes
Na air an tràigh bhàin Or on the white beach
No'n àit' nach robh duine riamh In a deserted place unvisited by man
Seachd oidhche, seachd lath' Seven nights, seven days
Gun tàmh, gun chadal, gun bhiadh Without rest, without sleep, without food
Ach thusa bhith, 'ghràidh Just you, my love
'S do làmh an tarruing mam bhian Holding me tight
   
Do chùl buidhe, dualach It was your fair
Cuachach, camagach, tlàth Curly, beautiful hair
Dh' fhàg mise fo ghruaim That left me miserable
Gu buan, gu latha mo bhàis Forever to the day of my death
'S nan tigeadh tu nuas And if you were to visit
Air chuairt dhan bhaile-sa thàmh And stay in this town
Ged chaochail mo shnuadh Although the bloom has faded from my complexion
Bu dual dhomh rithist bhith slàn I would be whole once more
   
Gum b' aotrom aighearach sinn... We were happy and carefree...