Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mary Jane Lamond > Òrain Ghàidhlig > Cead Deireannach Nam Beann

   
Òrain Ghàidhlig Cead Deireannach Nam Beann
   
Credits: Donncadh Bàn Mac an t-Saoir
   
Appears On: Òrain Ghàidhlig
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics:

Bha mi 'n dé Beinn Dòrain
'S 'na còir cha robh mi aineolach
Chunna' mi na gleanntan
'S na beanntaichean a b'aithne dhomh
B'e sin an sealladh éibhinn
Bhith 'g imeachd air na sléibhtean
Nuair bhiodh a'ghrian ag éirigh
'S a bhiodh na féidh a' langanaich

'S aobhach a' ghreigh uallach
Nuair ghluaiseadh iad gu faramach
'S na h-éildean air an fhuaran
Bu chuannar na laoigh bhallach ann
Na maoislichean 's na ruadhbhuic
Na coilich dhubha's ruadha
'S e 'n cèol bu bhinne chualas
Nuair chluinnt' am fuaim 's a' chamhanaich

'S togarrach a dh'fhalbhainn
Gu sealgaireachd nam bealaichean
Dol mach a dhìreadh garbhlaich
'S gum b'anmoch tighinn gu baile mi
An t-uisge glan 's am fàile
Th'air mullach nam beann àrda
Chuidich e gu fàs mi
'S e rinn domh slàint' is fallaineachd

Bha mi 'n dé 'san aonach
'S bha smaointean mór air m' aire-sa
Nach robh 'n luchd-gaoil a b'àbhaist
Bhith siubhal fàsaich mar rium ann
'S a' bheinn as beag a shaoil mi
Gun deanadh ise caochladh
On tha i nis fo chaoraibh
'S ann thug an saoghal car asam

'Nuair sheall mi air gach taobh dhìom
Chan fhaodainn gun bhith smalanach
On theirig coill is fraoch ann
'S na daoine bh'ann nach mhaireann iad
Chan eil fiadh r'a shealg ann
Chan eil eun no earb ann
Am beagan nach eil marbh dhiubh
'S e rinn iad falbh gu baileach as

Mo shoraidh leis na frìthean
O 's mìorbhailteach na beannan iad
Le biolair uaine 's fìoruisg
Deoch uasal rìomhach cheanalta
Na blàran a tha prìseil
'S na fàsaichean tha lìonmhor
O 's àit a leig mi dhìom iad
Gu bràth mo mhìle beannachd leotha