Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Fiona Mackenzie > Seinn! O Ho Ro Seinn! > Hò Rò Mo Nighean Donn Bhòidheach

Seinn! O Ho Ro Seinn! Hò Rò Mo Nighean Donn Bhòidheach
   
Credits: Traditional
   
Appears On: Seinn! O Ho Ro Seinn!
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   
Lyrics: English Translation:
   
Ho rò mo nighean donn bhòidheach Ho ro my beautiful brown-haired maiden
Hi rì mo nighean donn bhòidheach Hi ri my beautiful brown-haired maiden
Mo chaileag laghach bhòidheach My kind, beautiful maiden
Cha phòsainn ach thu I would not marry anyone but you
   
A nighean donn nam blàth-shùl Oh brown-haired maiden of the warm eyes
Gur trom a thug mi gràdh dhut I loved you deeply
Tha d'iomhaigh, ghaoil, is d'àilleachd Your appearance, dear, and your beauty
A ghnàth tigh'nn fom ùidh Always come into my mind
   
Cha cheil mi air an t-saoghal I shall not conceal from the world
Gu bheil mo mhiann 's mo ghaol ort That you are my desire and that I love you
'S ged chaidh mi uat air faondradh And though I strayed from you
Cha chaochail mo rùn My love will not change
   
Ach nuair a thig an samhradh But when the sumer comes
Bheir mise sgrìob don ghleann ud I shall make a trip to that glen
'S gun tog mi leam don Ghalldachd And I shall take with me to the Lowlands
Gu h-annsail am flùr Lovingly, the flower