Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Anna Murray > Into Indigo > Saoil A' Mhór

   
Into Indigo Saoil A' Mhór
   
Credits: Traditional; arranged by Anna Mhoireach & Iain F. MacLeod
   
Appears On: Into Indigo
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics: English Translation:
   
Sèist: Chorus (after each verse):
Saoil a Mhòr am pòs thu? Morag, do you think you'll marry?
Saoil am pòs thu Fiullaigean? Do you think you'll marry Fiullaigean?
Saoil a Mhòr am pòs thu? Morag, do you think you'll marry?
Theireadh gu leòr nach b' urrainn dhut Plenty would say that you couldn't
   
'S beag a bha dùil aig do mhàthair Little did your mother think
Gur h-ann do dh' Arnol a chuirt' thu That you would be sent to Arnol
An deidh cho grinn 's a bha thu After how skillful you were
Air do shnàthaid mhuslin With your muslin needle
   
Ged a bha Fiullaigean spàgach Although Fiullaigean was heavy-footed
Dheanadh e ceàrd a h-uile fir He could turn his hand to anything
Chuireadh e craobh ann an gàradh He would plant a tree in the garden
Chuireadh e càl is curranan He would plant cabbages and carrots
   
Thog e tigh-geal ann an Arnol He built a white house in Arnol
Anns an robh àird' neo-chumanta Of unusual height
Staidhrichean cama le sgàthain A winding, mirrored staircase
Chun an ruim àird' aig Fiullaigean Up to Fiullaigean's top room
   
'Nuair a thig luingeas na bàn-righ When the Queen's ship comes
Nall air an t-sàl le gunnachan Over the sea with its guns
Thig iad a steach a Loch Arnoil They will sail up Loch Arnol
Dh' fhaighneachd càit' eil Fiullaigean To ask where Fiullaigean is
   
Thainig litir a nall as an Fhraing A letter came over from France
Is t' eile nall á Ruisia And another over from Russia
Paipearan feadh na Roinn-Eòrp' Newspapers all over Europe
Ag innseadh mu phòsadh Fhiullaigein Telling of Fiullaigean's wedding
   
(Sèist 2x) (Chorus 2x)