Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Whistlebinkies > Timber Timbre > Eilean Scalpaigh Na Hearadh

   
Timber Timbre Eilean Scalpaigh Na Hearadh
   
Credits: Gilleasbuig Grannd; lyrics by Iain Moireasdan
   
Appears On: Timber Timbre
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   

Lyrics: English Translation:
   
Eilean Scalpaigh na Hearadh Island of Scalpay, Harris
Eilean maiseach mo ghràidh My beloved, beautiful island
Eilean cùbhraidh nam beanna Sweet island of mountains
Nan gleanna 's nan càrn Of glens and rocks
Far an robh mi o m'òig Where I used to, since my youth
Air bheag eòlais nan càs And knowing little of hardship
Falbh nan cluaineagan bòidheach Traverse the beautiful pastures
Ann an òb Cheann a' Bhàigh In the inlet of Ceann a' Bhàigh
   
Rubha Glas a tha bòidheach Beautiful Rubha Glas
Thogadh òg ann mi suas There I was raised
Siud mo rogh' àite còmhnaidh' There is my choice of a place
'M fianais mhórthonn a' chuain To live by the great ocean waves
'G éisdeachd alltan a' bhearraidh Listening to the streamlet from the ridge
Ruith na dheannaibh a-nuas Running speedily down
'N àm éirigh is laighe When rising and going to bed
Ceòl na mara nam chluais The music of the sea in my ears
   
Meall Chailbost tha sgiamhach Fair Meall Chailbost
Àite feurach na spréidh Grassy place of cattle
Siud an sealladh as brèagha That is the most beautiful sight
Tha fo iarmailt na gréin Under the heavens
Faicinn uain anns gach bealach Seeing lambs in every pass
Aotrom ealant' a' leum Leaping lightly and nimbly
Eòin an t-sléibh 's iad ri caithream Birds of the hills singing joyfully
Air gach bearradh is geug On every ridge and branch
   
Tìr nan òganach gasda Land of strong young men
Tìr nan gaisgeach 's nan sàr Of warriors and heroes
Tìr nam maraichean tapaidh Land of brave mariners
Càite facas nas fheàrr None better can be found
Tìr nan òighean tha maiseach Land of beautiful maidens
Cliùiteach, faic'leach nan gnàths Renowned and modest in their ways
Ann an grinneas 's an dealbha In elegance and appearance
Fhuair iad ainm anns gach àit' They have gained fame everywhere
   
Soraidh slàn leis an eilean Farewell to the island
Eilean maiseach an fhraoich Beautiful island of the heather
Eilean suairce na Gàidhlig Generous Gaelic island
Far an d'àraicht' na laoich Where heroes were raised
Guma slàn leis gach càrnan Farewell to every little rock
Gach tràigh agus caol Every branch and every stretch of water
Siud mo dhùrachd 's mo bheannachd That is my wish and my blessing
Do dh'eilean Scalpaigh mo ghaoil To my beloved island of Scalpay