Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Mary Jane Lamond > Òrain Ghàidhlig > Illean Aigh

   
Òrain Ghàidhlig Illean Aigh
   
Credits: Traditional
   
Appears On: Òrain Ghàidhlig
   
Language: Gàidhlig (Scottish Gaelic)
   
Other Versions: "Illean À I" on Tannas' album Suilean Dubh
   

Lyrics:

Chorus (after each verse):
Illean aigh ó hu ó ho
Challaibh aigh iùraibh ó hu
Illean aigh ó hu ó ho

Dh' éirich mi moch madainn earraich
Thug mi gu siubhal nam beannaibh

Thug mi gu siubhal nam beannaibh
Thachair Dùghall rium 'na dheannaibh

Thachair Dùghall rium 'na dheannaibh
'S e ri fiadh bho bheinn gu baile

'S e ri fiadh bho bheinn gu baile
As a' sin gu beul na mara

As a' sin gu beul na mara
Dh' iarradh e luaidh clàr is salann

Dh' iarradh e luaidh clàr is salann
Bàta sin dhol dha na h-Earadh

Bàta sin dhol dha na h-Earadh
Sgiobair bh' innt' air cheathar fearaibh

Sgiobair bh' innt' air cheathar fearaibh
Chuireadh i thro chuan 'na h-ainneoin

Chuireadh i thro chuan 'na h-ainneoin
B' fheàrr leam fhin ba bonn 's a' luachair

B' fheàrr leam fhin ba bonn 's a' luachair
Donnachadh Bàn a bhith le thuaigh ann

Donnachadh Bàn a bhith le thuaigh ann
Glaodh arachais 'ga fhuaigheil

Glaodh arachais 'ga fhuaigheil
Rinn e luchdmhor làidir, luath i

Rinn e luchdmhor làidir, luath i
Aigeannach gu siubhal chuan i

Aigeannach gu siubhal chuan i
'S iomadh faoileag bhàn a bhuail i

'S iomadh faoileag bhàn a bhuail i
Mun a ruiginn Eilean Uaine